SpeakGaelic
SpeakGaelic
BBC Radio nan Gàidheal
Podcast for Gaelic learners presented by John Urquhart. This series is aimed at beginners. Podcast airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air a lìbhrigeadh le Iain Urchardan.
SpeakGaelic Extra | Cliostraig
Thig còmhla ri ar triùir ghaisgeach, Iain Urchardan, Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain is iad a’ toirt thugaibh prèasant Nollaige tràth; eapasod ùr de SpeakGaelic Extra. ‘S ann nas fialaidh a tha sìthichean nan tòimhseachan air a bhith is iad air fear na seachdain seo a cheangal chun a' gheamhraidh agus an aimsir ris am bi sinn uile an dòchas, air Latha na Nollaig. And what about adding a few more flourishes to your vocabulary? Keep it simple by using words such as; deagh, droch, glè and ro to add some emphasis to your conversation. Is ma tha sibh fortanach ‘s dòcha gum bi rud no dhà eile ri lorg fon chraoibh. Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!
Dec 19, 2024
35 min
SpeakGaelic Extra | Que Sera Sera
Bho dhorchadas a' gheamhraidh gu blàths an t-samhraidh, tha ar preasantairean a’ toirt thugainn podcast ùr SpeakGaelic Extra à diofar cheàrnaidhean den t-saoghail.Joy is busy sunning herself in Australia while Calum has brought out the thermals for a Scottish winter! ‘S ann glè ainneamh a gheibhear fiù ‘s greiseag bheag grèine an seo ann an Alba sna mìosan a tha romhainn! Ach an dùil cò aca a nì a' chùis san fharpais-cheist?
Dec 12, 2024
23 min
SpeakGaelic Extra | Exceedingly Good
‘S iad Iain Urchardan agus Joy Dunlop a tha aig stiùir SpeakGaelic Extra na seachdaine. Abair gu bheil a' bhliadhna air a dhol seachad ann am priobadh na sùla! Entering the final month of the year and the darkness of winter; ‘s e a tha math a bhith an tac an teine ann an cuideachd an sgioba anabarrach math againn.Also, make sure to keep an eye on our social media channels to give this week’s riddle a whirl agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhreagairt anns an ath phod-craoladh.
Dec 5, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | Mars no Gleann Eilg?
An t-seachdain sa ‘s e dithis làn dòchais a tha a’ toirt podcast ùr SpeakGaelic Extra thugaibh - Iain Urchardan agus Calum MacIlleathain. An dùil an còrdadh e ribh an cothrom a ghabhail siubhal à tìr-mòr a Chreag MhicIllEathain; check out if it’s big enough for a wee SpeakGaelic picnic?! Agus mar as àbhaist tha Calum is Iain beò an dòchas a' chùis a dhèanamh air an fharpais-cheist; however bad their track record might be! Dèanaibh cinnteach gum bi sibh ag èisteachd!
Nov 28, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | Gobhar no Gobha?
Haidh-Cù no Haiku? A’ togail cànan Le dithis SpeakGaelic Extra Joy is Calum, gast'!Am bi sibhse ri bàrdachd? ‘S mathaid dàn no luinneag? Well Joy and Calum have some lovely expressions relating to different parts of the day which might enhance your poetic creations. Co-dhiù a tha a’ siubhal aig beul an latha no a’ caithris na h-oidhche; inspiration can strike at any moment! Nach cuir sibh ur rannan thugainn air meadhanan sòisealta SpeakGaelic!
Nov 21, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | Ruigidh Each Mall Muileann
Dè seòrsa triom air a bheil sibhse an t-seachdain-sa; meòmhrachail? Smuaineachail? An dùil am bi gliocas ann am pailteas aig Iain Urchardan agus Joy Dunlop agus iad a’ cnuasachadh air feallsanachd? To bolster your conversation skills John and Joy have some guidance on adverbials of time. Bidh eòlas agaibh air an-dè agus a-màireach ach dè mu dheidhinn an earar agus an làrna-mhàireach? However, no expanse of time will help this pair when it comes to tackling this week’s fiendish quiz on philosophers!
Nov 14, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | Pick Up a' Ghuthan
Còmhla ribh air SpeakGaelic Extra na seachdain seo tha Calum MacIllEathain agus Iain Urchardan. Anns a' phod-chraolaidh seo, 's ann air dualchainntean agus blasan cainnt a tha iad a-mach. As well as a variety of Gaelic dialects there are also an array of accents and navigating these can be a bit of a minefield! Ach, na gabhaibh dragh oir tha cuideachadh agus comhairle aig Calum is Iain a bheireas taic dhuibh.And once again in this week’s quiz our presenters prove that recognising voices is not their strong suit, but will you have any more success?!
Nov 7, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | The Musical
Blàthaichibh ur guthan! ‘S iad Calum MacIllEathain agus Joy Dunlop a tha a’ lìbhrigeadh SpeakGaelic Extra na seachdain seo.Chan e pìobairean an aona phuirt a th' annta is comhairle gu leòr aca gus piseach a thoirt air ur cuid Gàidhlig.How are you with meanbhairean or diminutives? If you’d like to know a bit more about them, you’ve come to the right place!Agus, an dùil am biodh fios na b’ fheàrr agaibhse air cò aige a tha PhD ann an astrophysics no cò an còmhlan a tha air cuirm-ciùil a chluich san Antartaig? Siuthadaibh - cuiribh fios thugainn!
Oct 31, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | Barraicht
‘S iad Joy Dunlop agus Iain Urchardan a tha a’ toirt thugaibh SpeakGaelic Extra na seachdain seo. Tha iad a’ cuimhneachadh air na prògraman Gàidhlig a chuala agus a chunnaic iad nan òige. And with Halloween just around the corner it’s apt that Joy and John share some frightening phrases.Bidh abairtean aca a dh’fhaodas sibh a chleachdadh, le comhairle air fuaimneachadh bho Iain 's Joy, a chuidicheas sibh le faclan mar uilebheistean, uabhasach agus uaine.Gun dìochuimhne a dhèanamh air an fharpais-cheist; an aithnich sibhse guthan nan ceathrar phreasantair a chaidh a mheasgachadh ri chèile?
Oct 24, 2024
20 min
SpeakGaelic Extra | A’ Giùlain An Dualchais
Thig an tac an teine le gaisgich SpeakGaelic Extra Iain Urchardan agus Calum MacIllEathain a bhios ri beagan seanchas ann am podcast na seachdain seo. Cluinnidh sinn mu na seanachaidhean air a bheil iad fhèin eòlach is dèidheil. And they will also offer some useful expressions you could use when listening to stories as well as some advice on being wary of translating directly from English to Gaelic. Agus, dè cho eòlach is a tha sibh air creutairean miotasach? A bheil sibh air sgeulachdan a chluinntinn mu na creutairean aig a bheil Iain is Calum ri thomhais?
Oct 17, 2024
20 min
Load more