On Sonorous Seas
On Sonorous Seas
Mhairi Killin
On Sonorous Seas - Na Fuaimean
16 minutes Posted Sep 23, 2022 at 7:00 am.
0:00
16:45
Download MP3
Show notes

Am bi luchd-ealain ag èisteachd ann an dòigh eadar-dhealaichte o luchd-saidheans?  Gu dearbha, am bi gach neach againn ag èisteachd ann an dòigh eadar-dhealaichte o chèile agus, am bi sin a’ toirt buaidh air mar a chì sinn an saoghal agus mar a thuigeas sinn e?  Bidh sinn ag èisteachd gus brìgh a thoirt às an àrainneachd againn agus tuigse fhaighinn; agus, a thaobh na h-eanchainn dheth, ’s e ar cluasan a dh’innseas dhuinn far am bu chòir dhuinn coimhead: mar a tha fhios againn a-nist, bidh an cortex lèirsinneach a’ cleachdadh fiosrachadh o ar cluasan a thuilleadh air ar sùilean is sinn a’ coimhead air an t-saoghal.  Mar sin, bidh ar n-eanchainn a’ cur fuaim gu feum gus tuigse fhaighinn air an rud air a bheil sinn a’ coimhead; ach gu dè thachras dar a chluinneas sinn fuaim is sinn sgarte on tùs: mar eisimpleir, dar a dh’èisteas sinn ri fuaimean domhain na fairge tro hàidrea-fòn.